Oran Sugraidh

Capercaillie

Compositor: Duncan Ban Macintyre

Sèist:
'S I nighean mo ghaoil an nighean donn og
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhron
'S I nighean mo ghaoil an nighean donn og

'S I mairi nic neachdain as daicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beo

'N uair sheallas mi t' aodann 's mi 'n coinneamh ri t' fhaotainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir

Cha leig mi thu 'n fhireach thoirt a' chruidh as an innis
Air eagal na gillean bhith sireadh do phog

Bheir mis' thu dhun eideann a dh' ionnsachadh beurla
'S chan fhag mi thu 'd eigin ri spreidh an fhir mhòir

'S e mheudaich mo ghaol ort gun d' fhas thu cho aobhach
'S gun leumadh tu daonnan cho aotrom 's na h-eòin

©2003- 2024 lyrics.com.br · Aviso Legal · Política de Privacidade · Fale Conosco desenvolvido por Studio Sol Comunicação Digital